Am Baile logo Back to the Main site
Image

Hiort

2. Pàrlamaid Hiort

priont an duilleag seo

Bha an deamocrasaidh aca fhèin aig na Hiortaich agus bhiodh iad a' coinneachadh gach madainn, ach madainn na Sàbaid, air an t-sràid. B' e seo Pàrlamaid Hiort agus bha a h-uile fireannach air an eilean a' coinneachadh an seo. Cha robh riaghailtean sònraichte ann, cha robh cathraiche ann agus bhiodh na 'buill' a' tighinn nan àm fhèin. Aon uair 's gun robh a h-uile duine cruinn, bhiodh a' phàrlamaid a' smaoineachadh mun obair a bha ri dhèanamh an latha sin a rèir comas gach teaghlaich agus bhiodh iad a' roinn na h-obrach a rèir 's na bha ri dhèanamh. Bha h-uile duine ag obrachadh còmhla agus gu math a chèile. Bhiodh coinneamh neo-fhoirmeil aig na boireannaich dhaibh fhèin.

Ann an 1889, sgrìobh Iain Ros, maighstir-sgoile an eilein, gun robh a' phàrlamaid 'very much resembles our Honourable British Parliament in being able to waste any amount of precious time over a very small matter while on the other hand they can pass a Bill before it is well introduced'.

A bharrachd air lagh na rìoghachd, bha na Hiortaich a' dèanamh laghan dhaibh fhèin. 'S dòcha gun toireadh am ministear comhairle air cuid de rudan, ach b' i a' phàrlamaid aca a bha a' rèiteachadh chùisean gu cinnteach. Bha a' phàrlamaid seo a' coinneachadh gach latha airson bruidhinn mun t-sìde agus mun mhuir agus a' bruidhinn sa Ghàidhlig; bha òrdugh an latha air a shuidheachadh a rèir beachd a' mhòr-chuid. Cha robh duine a' gabhail air a chùisean fhèin a chur air dòigh gus am biodh a h-uile duine air co-dhùnadh dè b' fheàrr a dhèanamh.

Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.

Ceistean

  1. Innis mun t-sràid ann a' Hiort agus mu na daoine.
  2. Ciamar a dh'fhaodadh tu argamaid a dhèanamh gun robh Pàrlamaid Hiort cho faisg air deamocrasaidh 's a b' urrainn sin a bhith?
  3. Ciamar a bha Pàrlamaid Hiort an coimeas ri Pàrlamaid Bhreatainn?
  4. An robh guth aig na boireannaich ann a' Hiort?
3. A' sealg an fhulmair